Uibhist Mo Ghràidh
O seinnidh mi dàn do dh'eilean mo ghràidh
Far an d'fhuair mi m'àrach nuair bha mi nam phàisd'
Far am bi mo chrìdhe gu deireadh mo là
Ann an eilean uibhist an eòrna
Ged is fhada bho'n dh'fhàg mi eilean mo ghràidh
Agus a thàinig mi ghlaschu 'us rinn mi ann tàmh,
Tha machraichean uibhist nam chuimhne a ghnàth
A' cumail mo chrìdhe gach là rium
Bu mhiann leam bhith ag amharc bho mhullaichean lì
Beinn mhór an taoibh deas 'us gach monadh 'us frìth
Luch euphort nam fiadh far 'eil dachaidh mo chrìdh'
Us gach alltan 'us linne sa mhointich
O mhachraichean shollais gun siubhlainn gu dian
Gu cladaichean pheabuil 'us tuinn a' chuain siar
Gur maiseach an sealladh a dh'èireas o'n iar
Nuair a dh'èireas a' ghrìan air creag asduinn
Ach fàgaidh mi baile an cabhaig 'us nan sràid
Us cuiridh mi m'aghaidh air monadh 'us sàil
Us gabhaidh mi'n t-aiseag à malaig gun dàil
Gu uibhist mo ghràidh 'us m'eòlais