Òran an Ròin

Hò i hò i hì o hò i
Hò i hò i hì o hì
Hò i hò i hì o hò i
Cha robh mi m’ aonar a-raoir

’S mairg san tìr seo, ’s mairg san tìr
’g ithe dhaoine ’n riochd a bhìdh
Nach fhaic sibh ceannard an t-sluaigh
Goil air teine gu cruaidh cruinn

’S mise nighean Aoidh mhic Eòghainn
Gum b’ eòlach mi mu na sgeirean
Gur mairg a dhèanadh mo bhualadh
Bean uasal mi o thìr eile

Thig an smeòrach, thig an druid
Thig gach eun a dh’ionnsaigh nid
Thig am bradan thar a’ chuain
Gu Latha Luain cha ghluaisear mis’

Canzoni più popolari di Julie Fowlis

Altri artisti di Folk