Dùisg Mo Rùn
[Chorus]
Dùisg, mo rùn, is tiugainn leam
Tog do shùilean fada bhuat
Air trèan a Bhail’ Loch, cuir am baile rid chùl
Is leanaidh sinn a’ ghealaich
[Verse 1]
A’ seasamh air an rathad dol tuath
Don Eilean Sgitheanach air cuairt
Chì sinn oidhch’ air rathad a’ Chaoil
’S na Cuilthionn anns a’ mhadainn
[Chorus]
Dùisg, mo rùn, is tiugainn leam
Tog do shùilean fada bhuat
Air trèan a Bhail’ Loch, cuir am baile rid chùl
Is leanaidh sinn a’ ghealaich
[Verse 2]
Cùm a-mach do shùil is èist
Son cuibhlean luath an làraidh èisg
’S thèid sinn ler n-òrdag nar ùine fhèin
Nas fhaisge air an eilean
[Chorus]
Dùisg, mo rùn, is tiugainn leam
Tog do shùilean fada bhuat
Air trèan a Bhail’ Loch, cuir am baile rid chùl
Is leanaidh sinn a’ ghealaich
[Verse 3]
Tha ’n t-àm seo bliadhna neisd air tighinn
Bhith ’r ais san fhraoich a-rithist ’s e mo mhiann
Teas an fheasgair air mo dhruim
’S Sgùrr a’ Mhadaidh Ruaidh nam choinneamh
[Chorus]
Dùisg, mo rùn, is tiugainn leam
Tog do shùilean fada bhuat
Air trèan a Bhail’ Loch, cuir am baile rid chùl
Is leanaidh sinn a’ ghealaich
Dùisg, mo rùn, is tiugainn leam
Tog do shùilean fada bhuat
Air trèan a Bhail’ Loch, cuir am baile rid chùl
Is leanaidh sinn a’ ghealaich
Dùisg, mo rùn, is tiugainn leam
Tog do shùilean fada bhuat
Air trèan a Bhail’ Loch, cuir am bailе rid chùl
Is leanaidh sinn a’ ghealaich