Chuir Iad An T-Suil A Pilot Ban
Chuir iad an t-sùil à Pilot bàn
Chuir iad an t-sùil à Pilot ;
Chuir iad an t-sùil à Pilot bochd
‘S gun fhios ciod an lochd a rinn e
Dìol mo chuid mulan aig mucan a’ chùbair
Chuir iad ‘n .an smùid an raoir iad
‘S beag a bha fhios a’m gu’n robh iad ‘s an dùthaich
Fhad ‘s a bha ‘n t-sùil am Pilot
Ghleidheadh e dhomhsa ‘n gàradh-càil
Gu là bho’n chromadh an duibhire
Policeman riamh cha robh aig na Goill
Cho math ris air faireadh na h-oidhche
Ged thèìd mi do m’ leaba cha’n fhaigh mi loc cadail
Le balaich a’ bhaile ‘s an oidhche;
Ach dh’fhaodadh na suirichean fuireach aig baile
Mur dalladh a’ chaile mo Philot
Saoil sibh fhèine nach bu neo-bhanail
Am buill thug a’ chaile le foill dha
Gur mairg gill’ òg ‘g an leannan a’ bhèisd
Bho’n chuir i bho fheum mo Philot
Chuir mi petition a dh’ionnsaidh na ban-righ’nn
A dh’ innseadh mar thachair do m’Pilot
Thuirt i gu’n cuireadh i gini ‘am dhorn
A chuireadh suil oir ‘am Pilot