Nuair A Chì Thu Caileag Bhòidheach

Nuair a chì thu caileag bhòidheach
Bidh thu 'n tòir orr' airson oidhch'
'S iomadh cron tha 'n cois an t-seòrsa
Gun thu bhi eòlach air an cainnt
Ach innse mi mar ghaol na h-òige
Mura bheil mo chòmhradh meallt
Théid e seachad mar na sgòthan
'S mar na neòil tha os ar cionn

'S mar na neòil tha os ar cionn
'S mar na neòil tha os ar cionn
Théid e seachad mar na sgòthan
'S mar na neòil tha os ar cionn

Làtha dhòmh's mi falbh air turas
Thachair buidheann rium 'sa ghleann
Càraid òg a' dèanamh cuideachd
Coltas rùn mo chridh' bhi ann
Theann mi ceum a-steach na b'aisg orr'
Feuch a faicinn ceart cò bh'ann
Chrom i sios is ghabh i nàire
'S dheàrrs an t-sùil a bha na ceann

'S dheàrrs an t-sùil a bha na ceann
'S dheàrrs an t-sùil a bha na ceann
Chrom i sios is ghabh i nàire
'S dheàrrs an t-sùil a bha na ceann

Bhuail an saighead mi 's a mhionaid
'S thuirt mi rithe na gabh nàir'
Faodaidh tu bhi cuidhteas mise
'S mi bhi cuidhteas tu gu bràth
Ach théid sinn aon uair eile còmhla
'S ni sinn còrd gun fhios do chàch
'S ma se thusa rinn am briseadh
Gabhaidh mis' an rathad àrd

Gabhaidh mis' an rathad àrd
Gabhaidh mis' an rathad àrd
'S ma se thusa rinn am briseadh
Gabhaidh mis' an rathad àrd

Gabhaidh mis' an rathad àrd
Gabhaidh mis' an rathad àrd
'S ma se thusa rinn am briseadh
Gabhaidh mis' an rathad àrd

Curiosità sulla canzone Nuair A Chì Thu Caileag Bhòidheach di Capercaillie

Quando è stata rilasciata la canzone “Nuair A Chì Thu Caileag Bhòidheach” di Capercaillie?
La canzone Nuair A Chì Thu Caileag Bhòidheach è stata rilasciata nel 2003, nell’album “Choice Linguage”.

Canzoni più popolari di Capercaillie

Altri artisti di New Age